< Back to Songs

10. Bodaich Odhar Hoghaigearraidh

Port beag èibhinn à Uibhist a Tuath a fhuair mi bho chlàradh a rinn Uilleam MacMhathain.

A funny song about the old men of Hougharry, North Uist. Eaval and Teach an Triubhais are the highest peaks in North Uist and South Uist respectively.  The other two hills mentioned, Dorghais and Beinn a’ Charra, are low‑lying hills in North Uist.

This song is sung to a strathspey version of the tune Lord MacDonald’s Reel, which we play after.

Bodaich Odhar Hoghaigearraidh
Bidh Eòghainn is fear a’ chiubha is fear an rubha cuide rinn; [’s fear an rubha?]
Bidh Eòghainn is fear a’ chiubha is fear an rubha cuide rinn;
Bidh Eòghainn is fear a’ chiubha is fear an rubha cuide rinn;
Bidh Eòghainn is fear a’ chiubha is fear an rubha laimh rinn.

’S ann bha ’n othail aig an fhadhail, bodaich odhar Hoghaigearraidh;
’S ann bha ’n othail aig an fhadhail, bodaich odhar Hoghaigearraidh;
’S ann bha ‘n othail aig an fhadhail, bodaich odhar Hoghaigearraidh,
Thug iad aghaidh air na fir à Malacleit is Bhàlaigh.

Bidh Fionnlagh ’s an gille pìob dol san ruidhle iollagach;
Bidh Fionnlagh ’s an gille pìob dol san ruidhle iollagach;
Bidh Fionnlagh ’s an gille pìob dol san ruidhle iollagach,
Bidh Tormod ’s an gobha bodhar dol a thogail bhàirneach.

Bidh Eubhal is Teach an Triubhais an dà Uibhist muladach;
Bidh Eubhal is Teach an Triubhais an dà Uibhist muladach;
Bidh Eubhal is Teach an Triubhais an dà Uibhist muladach,
Dorghais is Beinn a’ Charra cur an cath an òrdugh.

The Dun-Coloured Old Men of Hoghaigearraidh
Eoghainn, Fear a’ Chiubha and Fear a’ Rubha will be with us x 3
Eoghainn, Fear a’ Chiubha and Fear a’ Rubha will be beside us.

What a commotion there was at the ford, the dun-coloured old men of Hoghaigearraidh x 3
They challenged the men from Malacleit and Bhalaigh.

Fionnlagh and the piper’s assistant will dance a sprightly reel x 3
Tormod and the deaf blacksmith will go to pick limpets.
Eubhal, Teach an Triubhais, the two Uists will be forlorn x 3
Dorghais and Beinn a’ Charra drawing the battle-lines.

Myspace Guestbook | Leabhar Aoigheachd Technical Specifications | Teic-Fios Reviews | Beachdaich Links | Ceangalan Contact | Cuir fios gu
   

Created By MAYFIN DESIGN