Julie Fowlis

View Julie's Biog in English...

“Dhan fheadhainn againn aig nach eil an cànan, tha clàran Julie mar theachdaireachdan àlainn bho shaoghal eile. A cheart cho seunta,
tàlaidheach, iongantach ri òrain bho Kate Bush no Bjork” MARK
RADCLIFFE, BBC RADIO 2

A’ leantainn bho "mar a tha mo chridhe" (As My Heart Is), a’ chiad chlàr duaiseil 2005 aice, tha Julie Fowlis air ais leis a’ chlàr mhìorbhaileach "cuilidh" –ainmear Gàidhlig, a’ ciallachadh ciste- ionmhais no àite-falaich diamhair airson nithean prìseil. Mar roimhe, tha na h-òrain is na fuinn pasgte ann am beul-aithris eachdraidheil a h-eilein – Uibhist a Tuath ann an eileanan siar na h-Alba. Tha guth àlainn Julie, còmhla ri sàr sgioba – còmhla a’ cruthachadh taghadh seunta de stuth thraidiseanta a chruinnich Julie bho luchd-dualchais a sgìre. Tha CUILIDH a’ gealltainn Julie, agus an cultar Gàidhlig a tha i a’ riochdachadh, a thoirt fada thairis air cladaichean fiadhaich Innse Gall.

Myspace Guestbook | Leabhar Aoigheachd Technical Specifications | Teic-Fios Reviews | Beachdaich Links | Ceangalan Contact | Cuir fios gu
   

Created By MAYFIN DESIGN